Here is an authorised Gaelic translation
FLOWER OF SCOTLAND
(translation by John Angus Macleod)
O Fhlu\ir na h-Albann,
cuin a chi\ sinn
an seo\rsa laoich
a sheas gu ba\s 'son
am bileag feo\ir is fraoich,
a sheas an aghaidh
feachd uailleil Iomhair
's a ruaig e dhachaidh
air chaochladh smaoin?
Na cnuic tha lomnochd
's tha duilleach Foghair
mar bhrat air la\r,
am fearann caillte
dan tug na seo\id ud gra\dh,
a sheas an aghaidh
feachd uailleil Iomhair
's a ruaig e dhachaigh
air chaochladh smaoin.
Tha 'n eachdraidh du\inte
ach air di\ochuimhne
chan fheum i bhith,
is faodaidh sinn e\irigh
gu bhith nar Ri\oghachd a-ri\s
a sheas an aghaidh
feachd uailleil Iomhair
's a ruaig e dhachaidh
air chaochladh smaoin.
No comments:
Post a Comment